en
Книжки
Daibhidh Eyre

Cailèideascop

Tha Angela NicilleDhuinn air seann leabhar a lorg — leabhar a bhuineadh do Dhaibhidh Brewster, an neach-saidheans Albannach a chruthaich an cailèideascop. Tha i air a chleachdadh gus ionnsramaid ùr nodha a chruthachadh, a tha a' dèanamh follaiseach na ceanglaichean brèagha eadar gach nì — agus gach duine — anns an t-saoghal. Ach, tha muinntir eile air tòir an fhiosrachaidh seo cuideachd, agus tha Angela a-nist ga faighinn fhèin ann an cunnart cho mòr gu bheil ceist oirre — am b' urrainn dhi fuireach ann an Alba?
Dà cheud bliadhna às dèidh nan làithean nuair a bha Angela beò, tha eachdraiche òg air lorg fhaighinn air an sgeulachd aice. Agus le taic bho charaid àraid — a tha cracte air nobhailean mu dhèidhinn seann luchd— rannsachaidh prìobhaideach — tha i a' faighinn sealladh às ùr air ciamar a thàinig an cinne-daonna tro sgrios, cogadh, agus ùpraid, gu beatha shaor, bheairteach, far a bheil daoine a' dèanamh deiseil gus siubhal do na speuran.
Tha Daibhidh Eyre air sgeulachd ghleusta is shiùbhlach a chruthachadh, a tha a' tòiseachadh am measg ath-bheothachadh na Gàidhlig san Eilean Sgitheanach, agus a' crìochnachadh anns na speuran. Turas thar-labhairt.
140 паперових сторінок
Правовласник
Bookwire
Дата публікації оригіналу
2017
Рік виходу видання
2017
Видавництво
Luath Press
Уже прочитали? Що скажете?
👍👎
fb2epub
Перетягніть файли сюди, не більш ніж 5 за один раз